Push for PORTER

izquierdaChì Mi Na Mòr-Bheannaderecha

Iain Camshroin

YouTube

Ò chì, chì mi na mòr-bheanna,
Ò chì, chì mi na còrr-bheanna,
Ò chì, chì mi na coireachan,
Chì mi na sgoran fo cheò.

Chì mi gun dàil an t-àite san d' rugadh mi,
Cuirear orm fàilte sa chànain a thuigeas mi,
Gheibh mi ann aoibh agus gràdh nuair a ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir.

Chì mi na coilltean, chì mi na doireachan.
Chì mi ann màghan bàna as toraiche,
Chì mi na fèidh air làr nan coireachan
Falaicht' an trusgan de cheò.

Beanntaichean àrda as àillidh leacainnean,
Sluagh ann 'n còmhnaidh as còire cleachdainnean,
'S aotrom mo cheum a' leum gam faicinn,
Is fanaidh mi tacan le deòin.

Fàgaidh mi ùpraid, sùrd agus glagarsaich
Dh'fhaicinn an fhuinn anns an cluinnteadh a' chagarsaich,
Fàgaidh mi cùirtean dùint' agus salach
A dh'amharc air gleannaibh nam bò.

Fàilt' air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachnach,
Fàilt' air na còrr-bheannaibh mòra, mulanach,
Fàilt' air na coilltean, is fàilt' air na h-uile,
O! 's sona bhith fuireach nan còir.



Song